- Votes:
- See also:
Rankins - Mo Run Geal Dileas lyrics
mo run geal dileas, dileas
mo run geal dileas nach till thu nall?
cha till mi fhein riut, a ghaoil, cha 'n fhaod mi,
o choin a ghaoil 's ann tha mise tinn.
is truagh nach robh mi an riochd na faoilinn
a shnamhadh aotrom air bharr nan tonn;
is bheirinn sgriobag don eilean ileach,
far bheil an ribhinn dh'fhag m'inntinn trom.
is truagh nach robh mi 's mo rogha ceile
air mullach shleibhte nam beanntan mor,
's gun bhi 'gar n-eisdeachd ach eoin an t-sleibhe,
's gun tugainn fhein di na ceudan pog.
Rankins - Mo Run Geal Dileas - http://motolyrics.com/rankins/mo-run-geal-dileas-lyrics.html
thug mi corr agus naoi miosan
anns na h-innsean a b'fhaide thall,
's bean boidhchead t'aodainn cha robh ri fhaotainn.
's ged gheibhinn saoghal chan fhanainn ann.
thug mi mios ann am fiabhras claoidhte
gun duil rium oidhche gum bithinn beo;
b'e fath mo smaointean a la 's a dh'oidhche,
gum faighinn faochadh is tu bhi 'm choir.
cha bhi mi strith ris a' chraoibh nach lub leam
ged chinneach ubhlan air bharr gach geig.
mo shoraidh slan leat ma rinn thu m'fhagail,
cha d'thainig traigh gun mhuir lan 'na deigh.