- Votes:
 - See also:
 
Runrig - Àrd lyrics
Madainn Dihaoine 's dùthaich fo sgòth
 'S mi sgìth le cuid smalan, 
 Mi-mhisneachd is bròn
 Seo an deicheamh là dhan
 A' Ghiblean 'sinn fo ghruaim a rithist
 An co-dhùnadh a cheannaich
 Na daoine aig prìs
 Tha spiorad nan daoine
 Nas soilleir na ghealach
 Nas doimhne na 'n cuan
 Gheibh sinn ar n-àite 'san t-saoghal
 'S an ginealach ùr
 Àrd: blàr nan daoine
 Àrd: guth is saorsa
 Àrd: tha sinn gluasad
 Gu h-àrd thèid sinn suas
 'S iomadh trioblaide romhainn
 Nis Gàidheal agus Gall
 'S mi le aon sùil air eachdraidh, 
 Aon sùil mo chlann
 Ach cùm creideamh nad bheatha, 
 Sonas nad chridhe
 Chan e seo deireadh rathaid
 Ach toiseach linn
 Tha spiorad nan daoineRunrig - Àrd - http://motolyrics.com/runrig/ard-lyrics.html
 Nas soilleir na ghealach
 Nas doimhne na 'n cuan
 Gheibh sinn ar n-àite 'san t-saoghal
 'S an ginealach ùr
 Àrd: blàr nan daoine
 Àrd: guth is saorsa
 Àrd: tha sinn gluasad
 Gu h-àrd thèid sinn suas
 Àrd: blàr nan daoine
 Àrd: guth is saorsa
 Àrd: tha sinn gluasad
 Gu h-àrd thèid sinn suas
 Chan urrain dhomh fuireach
 An taigh tha fo sgòth
 Ach le creideamh is dòchas
 Mu deireadh mo là
 Tha an lasair nad anam
 Aig meadhan do bhith
 Nas laidir 's nas motha
 Na riaghaltas no rìgh
 Àrd: blàr nan daoine
 Àrd: guth is saorsa
 Àrd: tha sinn gluasad
 Gu h-àrd thèid sinn suas









